Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Màiri Mhoireasdan & Alasdair Roberts - Urstan

'S e seo clàr taitneach ùr, co-obrachadh eadar Màiri Mhoireasdan à Leòdhas agus Alasdair Roberts, seinneadair Beurla Ghallda aithnichte. Thàinig iad còmhla fo sgèith “Ceòl is Craic” ann an Glaschu agus air a' chlàr seo tha 12 òran, a’ mhòr-chuid sa Ghàidhlig is feadhainn ann am Beurla Ghallda. Tha measgachadh òran-obrach ann, mòran dhiubh nan òrain nach cluinnear ro thric. Ged as e òrain thraidiseanta a th’ annta, tha rianan ann air a bheil coltas “jazz”, puirt-à-beul agus òrain-luaidh anns a bheil fìor thogail cho math ri tuireadh, “Ailean Duinn”, cho duilich ’s a chluinnear a-riamh. Tha Màiri Mhoireasdan air cliù a chosnadh dhi fèin mar sheinneadair agus bana-chleasaiche agus i anns an dealbh-chluich “Angus: Weaver of Gras” mu bheatha Aonghais Mhic a’ Phì à Uibhist a Deas o chionn goirid. Tha a guth làidir, tarraingeach agus seinn is cluich Alasdair ag obair còmhla gu h-iongantach agus ’s e seo dha-rìribh clàr nach buin do àm no gnè ciùil fa leth.

Clàr òran:
1. Mile Marbhphaisg air a’ Ghaoil
2. The Laird o’ the Drum
3. Làrach do Thacaidean
4. Never Wed an Old Man
5. E Ho Leigein
6. Fiullaigean
7. Hion Dail-a Horo Hì
8. The Tri-Coloured House
9. Am Faca Sibh Lilidh Tha Mise Ri Lorg?
10. Ailean Duinn
11. The Whole House Is Singing
12. Leanabh an Òir

£11.99


Cò mheud | Quantity:

Stock: