Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Alasdair MacIlleBhàin - Las

’S e seo ciad chlàr a’ Mhullaich òig, Alasdair MacIlleBhàin. Chaidh a sgaoileadh san t-Samhain 2012 is daoine air fadachd a ghabhail ris son ùine fhada. Choisinn Alasdair cliù dha fhèin an dèidh dha Bonn Òr a bhuannachadh aig a’ Mhòd Nàiseanta o chionn grunnan bhliadhnaichean agus air an CD seo tha e a’ seinn òran a rinn e fhèin a bharrachd air òran traidiseanta le ghuth brìghmhor soilleir. Le taic iomadh ceòladair traidiseanta aithnichte tha e a’ ceangail ceòl Gàidhlig traidiseanta le ceòl an latha an-diugh ann an dòigh fìor tharraingeach is sgileil.

Clàr òran:
01. taobh abhainn aora
02. eilean na h-òige
03. an leitir bhòidheach
04. am fraoch
05. an t-each odhar
06. chì mi bhuam
07. forcan na fèille
08. mo chaileag shuaineartach
09. nighean donn nan gobhar
10. tuathal

£11.99


Cò mheud | Quantity:

Stock: