Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Barrule

Chaidh an CD seo a sgaoileadh ann an 2012 le Barrule, còmhlan-ciùil òg às Eilean Mhanainn a tha ag amas air ceòl Manannach a thoirt do dh’aire dhaoine air feadh an t-saoghail.  ’S e an fhidheall, am bogsa agus am bouzouki na prìomh ionnsramaidean aca agus iad a’ gabhail measgachadh de phuirt bheothail a bharrachd air a bhith a’ seinn òran anns an dà chuid Beurla agus Gaelg – a’ Ghàidhlig Mhanannach. As bith dè an cànan anns a bheil iad a’ seinn air neo dè am port a tha iad a’ gabhail, tha ceangail làidir ris an eilean air a h-uile rud a th’ air an CD seo. An cois an CD gheibhear leabhran anns a bheil beagan fiosrachaidh mu na h-òrain is puirt a tha air an clàradh agus facail nan òran le eadar-theangachaidhean gu Beurla. ’S e CD fìor mhath a tha seo, a’ sealltainn nan diofairean cho math ris na ceanglaichean a tha ann an ceòl Ceilteach. ’S iongantach mura cluinnear an t-ainm “Barrule” tric anns an àm ri teachd!
Clàr:
1. Mylecharaine’s March
2. In Search of Manannan
3. Arrane Y Chlean
4. The Girls of Balladoole
5. She Lhong Honnick Mee
6. Five Hours Behind
7. Allen Barbara
8. Langness
9. “Engage!”
10. Ny Kirree Fo Niaghtey
11. Europo Vona
12. O My Graih
13. Irree Ny Greiney

£10.00


Cò mheud | Quantity:

Stock: