Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Cruinn - Brian Ó hEadhra, Fiona NicCoinnich, Seumas Greumach & Rachel Walker

’S e seo clàr ùr de dh’òrain Ghàidhlig air an gabhail le Brian Ó hEadhra, Fiona NicCoinnich, Seumas Greumach is Rachel Walker. Tha iad uile nan seinneadairean Gàidhlig cliùiteach agus thòisich iad a’ seinn còmhla mar “Cruinn” aig Fèis Celtic Connections ann an 2012. Am measg iomadh òran traidiseanta tha trì òrain ùra ann a chaidh a sgrìobhadh le Rachel, Brian agus Fiona còmhla ri piuthar Eilidh. A bharrachd air sin tha òrain à Sasainn, Èirinn is  fiù 's an Ungair ann a chaidh eadar-theangachadh. Tha leabhran  beag a’ tighinn leis a’ CD anns am faighear facail nan òran agus na h-eadar-theangachaidhean gu Beurla a bharrachd air beagan fios mu gach òran.

£11.99


Cò mheud | Quantity:

Stock: