Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Sùil air an t-Saoghal: buaidhean eadar-nàiseanta air sgrìobhadh sa Ghàidhlig

Thathar ag ràdh gu bheil gach cànan a’ toirt dhuinn dòigh eadar-dhealaichte air an saoghal fhaicinn, dòigh ùr air an saoghal a chruthachadh. Tha an leabhar dian inntinneach seo a’ cur na ceist ciamar a tha litreachas na Gàidhlig san fhicheadamh linn agus san latha an-diugh a’ coimhead air an t-saoghal, agus gu h-àraid air litreachasan eile: dè a’ bhuaidh a thug feallsanachd Khierkegaard air obair Iain Chrichton Mhic a’ Ghobhainn, mar eisimpleir, no Albert Camus air Iain Moireach? A’ sgrìobhadh air an cuid obrach fhèin tha Aonghas Pàdraig Caimbeul, Maoilios Caimbeul, Fearghas MacFhionnlaigh, Aonghas MacNeacail agus Crìsdean MacIlleBhàin; a’ toirt sùil gheur air sgrìobhadairean eile tha Moray Watson, Meg Bateman, Iain Mac a’ Phearsain agus Emma Dymock. Eadar Bo Diddley agus Brodsky, Anna Swir agus Shakespeare, gun teagamh tha an leabhar seo a’ toirt sùil ùr air an t-saoghal againn.

£16.00


Cò mheud | Quantity:

Stock: