Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Caoir Gheal Leumraich – Somhairle MacGill-Eain

’S e seo cruinneachadh bàrdachd shlàn Shomhairle MhicGill-Eain, a bha ’s ma dh’fhaoidte na bhàrd Gàidhlig a bu chudromaiche san 20mh linn. A bharrachd air na dàin ainmeil, leithid an t-sreath “Dàin do Eimhir” agus “An Cuilthionn”, tha grunnan dàin ann nach deach fhoillseachadh roimhe seo. Tha eadar-theangachaidhean de na dàin am broinn an leabhair, mòran dhiubh air an dèanamh le Somhairle fhèin, a bharrachd air fios air tachartasan air a bheil am bàrd a’ dèanamh iomradh agus mapaichean le ainmean àite a nochdas na bhàrdachd. ’S e seo an cruinneachadh as ùire agus as coileanta de bhàrdachd MhicGill-Eain, leabhar a bu chòir a bhith aig neach sam bith aig a bheil ùidh ann am bàrdachd Ghàidhlig no fiù ’s bàrdachd san fharsaingeachd san 20mh linn.

£25.00


Cò mheud | Quantity:

Stock: