Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

An Guth 7

’S e seo an seachdamh leabhar san t-sreath An Guth deasaichte le Rody Gorman fad deich bliadhnaichean a-nis. ‘S e cruinneachadh de bhàrdachd ann an Gàidhlig na h-Alba is Gàidhlig na h-Èireann a th’ annta le earrann bheag air bonn gach dàin a’ mìneachadh abairtean no fhaclan a tha glè eadar-dhealaichte anns an dà chànan. Mar sin, bu chòir do luchd-labhairt an dà chànan a bhith comasach air na dàin air fad a thuigsinn. Anns an leabhar seo tha dàin le barrachd air 40 bàrd, cuid dhiubh a tha air cliù a chosnadh dhaib’ fhèin mu thràth, cuid eile nach eil air a bhith ri bàrdachd ach fad ùine ghoirid. Nam measg tha Meg Bateman, Alasdair Caimbeul, Maoilios Caimbeul, Aonghas MacNeacail, Daírena Ní Chinnéide, Simon Ó Faoláin, Aogán Ó Muircheartaigh agus Rody Gorman e fhèin.

£7.50


Cò mheud | Quantity:

Stock: