Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Ó Choill go Barr Ghéarain, Somhairle MacGillEain - Paddy Bushe

Seo leabhar de dh' eadar-theangachaidhean Gaeilge de chruinneachadh bàrdachd Shomhairle MhicGillEain. 'S e Paddy Bushe, bàrd Èireannach agus ball de Aosdána, acadamaidh Èireannach de sgrìobhadairean, luchd-ealain agus ciùil, a rinn an t-eadar-theangachadh dhan Ghaeilge. Tha Somhairle aithnichte fad is farsaing mar am bàrd Gàidhlig as cudromaiche san fhicheadamh linn agus thug a bhàrdachd àrdachadh-inntinn do mhòran leithid am bàrd ainmeil, Èireannach, Seumas Heaney (tha an leabhar seo mar chuimhneachan dha) a mhol Somhairle mar shàr-bhàrd. Mar a tha Aonghas MacNeacail ag iomradh aig tòiseach an leabhair chan e obair shoirbh a bh' aig Paddy ann a bhith ag eadar-theangachadh na bàrdachd aig Somhairle gu Gaeilge ach obair mhionaideach, chùramach, a dh'fheumadh a bhith aireach do bhrìgh is fonn gach facal. Ach 's e obair luachmhor a bh' ann leis gu bheil obair Somhairle a-nis ri fhaighinn anns a' Ghaeilge. Chithear a' bhàrdachd Ghàidhlig san leabhar cuideachd ri taobh an tionndaidh Ghaeilge.

£15.00


Cò mheud | Quantity:

Stock: