Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Brìgh an Òrain - A Story in Every Song

B’ e Lachlann Dhòmhnaill Nìll seanchaidh fìor ainmeil san 20mh linn. Ged as ann à Alba Nuadh a bha e agus esan sa cheathramh ghinealach den teaghlach ann an Canada, b’ ann à Alba a bha a chuideachd agus ‘s ann às an sin a thàinig tòrr mòr dhe na h-òrain is sgeulachdan a b’ aithne dha. Anns an leabhar thomadach seo tha tàr-sgrìobhaidhean de  48 òrain agus naoi sgeulachdan a bh’ aige le eadar-theangachaidhean gu Beurla agus ceòl sgrìobhte airson nan òran. Tha cunntas-beatha Lachlainn ann cuideachd. A bharrachd air na h-òrain is sgeulachdan ge-tà, agus ann an seagh nas cudromaiche, tha an leabhar seo a’ toirt sùil air beul-aithris, pàirt fìor chudromach de bheatha nan Gàidheal, tha e a’ cur nan òran is sgeulachdan ann an co-theacsa agus a’ mìneachadh buaidh is seasamh sheanchaidhean ann an coimhearsnachdan Gàidhealach.

£28.50


Cò mheud | Quantity:

Stock: