Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Complete Gaelic Pack

’S e seo pasgan Gàidhlig san t-sreath “teach yourself”. Na bhroinn gheibh sibh an leabhar Complete Gaelic, cùrsa cànain le Boyd Robasdan agus Iain Mac an Tàilleir, a bharrachd air na CDan a tha a’ dol leis an leabhar. Tha 23 leasanan san leabhar seo le còmhradh, obair is puingean gràmair anns gach fear dhiubh. Tha freagairtean dhan obair ann, earrann sùil-air-ais agus faclair beag le earrannan sònraichte son ainmean dhaoine agus ainmean àite. ’S e an t-amas gum bi daoine fileanta is misneachail a’ bruidhinn, a’ sgrìobhadh is a’ leughadh na Gàidhlig aig deireadh a’ chùrsa. Chaidh an leabhar fhoillseachadh às ùr is e a’ leantainn riaghailtean ùra GhOC.

Tha faclair nas fharsainge, Essential Gaelic Dictionary, agus CDan, “Speak Gaelic with Confidence”, ri fhaighinn san aon t-sreath.

£39.99


Cò mheud | Quantity:

Stock: