Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Ainmeil thar Cheudan: Presentations to the 2011 Sorley MacLean Conference

Bhiodh ceud bliadhna air a’ bhliadhna 2011 bho rugadh Somhairle MacGill-Eain, agus airson sin a chomharrachadh agus airson gun dèante meòrachadh farsaing air an dìleab phrìseil a dh’fhàg e mar bhàrd, mar sgrùdaire litreachais, mar…

£8.00

A’ Cleachdadh na Gàidhlig: slatan-tomhais ann an dìon cànain sa choimhearsnachd

Co-chruinneachadh a tha seo de phàipearan le ­sgoilearan, iomairtichean, luchd-gnìomhachais, luchd-teagaisg 7c air taghadh math de chuspair­ean ceangailte ri brosnachadh agus gleidheadh cleachdadh na Gàidhlig ann an iomadach seòrsa coimhearsnachd agus buidhne. Leabhar air…

£10.00

A’ Ghàidhlig agus Beachdan nan Sgoilearan: cothroman leasachaidh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig

Mar a sheall diofar phròiseactan rannsachaidh air soirbheas sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FMG), tha an siostam foghlaim sin ag obrachadh fìor mhath bho thaobh amasan acadaimeagach. Ach, ged a tha FMG…

£7.50

Tuath air a' Bhealach - Màrtainn Mac an t-Saoir

Seo an leabhar eile as ùire san t-sreath Lasag airson inbhich òg.

Is e tè òg nach fhaca cus dhen t-saoghal a th' ann an Robyn Carruthers.  Bidh i ag obair ann am bùth an…

£7.99

Asterix agus an Corran Òir

Nuair a bhristear corran òir an Draoidh Oghamaix na dhà phìos , tha dragh air a h-uile duine nach tèid aige air am brot draoidheil a dhèanamh a chumas am baile Gallach sàbhailte. Feumaidh e…

£7.99

An Sgoil Dhubh - Iain F. MacLeòid

Seo an còigeamh leabhar san t-sreath Aiteal, sreath ficsein ùr bho dhiofar sgrìobhadairean ealanta. Chaidh an leabhar seo a sgrìobhadh le Iain F. MacLeòid a tha air mòran eile a chur an clò a leithid…

£9.99

Love and Music Will Endure - Liz MacRae Shaw

Seo nobhail eachdraidheil a tha stèidhichte air beatha Mairi Mhòr nan Òran, bana-ghaisgeach poilitigeach agus cultarach nan Gàidheal.  Tha na h-òrain aig Màiri fhathast mar phàirt mhòr dhe shaoghal òrain Ghàidhlig an latha an-diugh agus…

£8.99

Tro Chloich na Sùla – Maoilios Caimbeul

Tha sean agus ùr a’ measgachadh còmhla ri chèile sa chruinneachadh bhàrdachd seo le Maoilios Caimbeul. Tha an t-sreath dhàn aig toiseach an leabhair stèidhichte gu ìre bhig air an t-sean mheadrachd phroifeiseanta, dàn dìreach.…

£9.99

Tintin - Toit nam Phàro

Lean Tintin agus a chù Dìleas airson an dàrna turais sa Ghàidhlig! San leabhar ùr seo tha Tintin agus Dìleas air falbh air dàna-thuras còmhla ri Seonachan MacSheonachain, eòlaiche Èipheiteach ainmeil, 's iad air tòir…

£7.99

Saltire - Ionnsaigh

‘S e ‘Ionnsaigh’ a’ chiad leabhar ann an sreath ùr agus a’ chiad nobhail grafaigeach a chaidh fhoillseachadh sa Ghàidhlig. Tha an t-sreath a leantainn a’ chiad laoch comaig Albannach, Saltire. Tha e mòr, tha…

£9.99

Bàird Ghleann Dail. A Selection of Songs and Poems by Niall MacLeòid, 'The Bard of Skye', his brother Iain Dubh and their father

Tha an leabhar seo, a chaidh a dheasachadh le Meg Bateman, a’ comharrachadh ceud bliadhna bhon a chaochaill am bàrd Niall MacLeòid, à Gleann Dail san Eilean Sgitheanach, ann an 1913. Chìthear ath-fhoillseachadh de chuid…

£25.00

The Great Book of Skye, From the Island to the World, People and Place on a Scottish Island

Chaidh an leabhar seo a chur ri chèile le dithis eòlaichean às an Eilean Sgitheanach, an t-Ollamh Tormod Dòmhnallach agus an dealbhadair Cailean MacGillEathain. 'S e an rannsachadh as iomlan a chaidh a dhèanamh riamh…

£35.00

Ó Choill go Barr Ghéarain, Somhairle MacGillEain - Paddy Bushe

Seo leabhar de dh' eadar-theangachaidhean Gaeilge de chruinneachadh bàrdachd Shomhairle MhicGillEain. 'S e Paddy Bushe, bàrd Èireannach agus ball de Aosdána, acadamaidh Èireannach de sgrìobhadairean, luchd-ealain agus ciùil, a rinn an t-eadar-theangachadh dhan Ghaeilge. Tha…

£15.00

Buses of Skye and the Western Isles - Iain Mac na Cèardaich

Ma tha ùidh agad ann am busaichean agus eachdraidh còmhdail anns an Eilean Sgitheanach agus na h-Eileanan Siar seo an dearbh leabhar dhut! Chaidh a dhèanamh le Iain Mac na Cèardaich a bha na dhotair…

£14.99

Feur Buidhe An t-Samhraidh - Tim Armstrong

Tha an leabhar seo, a chaidh a sgrìobhadh le Tim Armstrong, anns an t-sreath ùr Lasag a tha a’ tairgsinn raon ficsean tarraingeach a tha soirbh ri leughadh do dh’inbhich òg. Tha na leabhraichean freagarrach…

£7.99

Nigheanan Mòra - Catrìona Lexy Chaimbeul

Ann an Nigheanan Mòra, a chaidh a sgrìobhadh le Catrìona Lexy Chaimbeul, tha cùisean ag atharrachadh eadar caraidean Bell, Anna agus Jo an uair a tha am fear aig Jo airson 's gum fuirich i…

£7.99

Làimhsich agus Fairich a' chiad Leabhar-chleasan

Còrdaidh e ris a' chloinn a bhith a' làimhseachadh nan cruthan agus a' faireachdainn nan diofar stuthan anns an leabhar àlainn, dathte seo.

Acair 2012

£7.99

Blas na Gàidhlig - Michael Bauer

'S e leabhar mìorbhaileach a tha seo air cuspair iomadh-fhillte: Fuaimneachadh na Gàidhlig. Leis an leabhar seo 's urrainn fiù's luchd-tòiseachaidh eòlas fhaighinn air cuspair mar fhogharach 's faighinn a-mach gu mionaideach carson a tha…

£35.00

Piping Traditions of the Isle of Skye - Bridget MacKenzie

Tha an leabhar seo, a chaidh fhoillseachadh ann an 2012, sgoinneil airson duine sam bith aig a bheil ùidh ann am pìobaireachd. Gheibhear fiosrachadh air traidiseanan, ceòl, cluicheadairean, luchd-oideachaidh, co-fharpaisean, còmhlan ciùil, litreachas agus sgeulachdan…

£25.00

Air Cuan Dubh Drilseach - Tim Armstrong

Chaidh ‘Air Cuan Dubh Drilseach’ fhoillseachadh le CLÀR ann an 2013. ‘S e seo a’ chiad leabhar ficsean saidheansail do dh’inbhich a chaidh a sgrìobhadh sa Ghàidhlig!

‘Bha a chorp co-ionnan ri corp daonna ach…

£9.99

Sùil air an t-Saoghal; buaidhean eadar-nàiseanta air sgrìobhadh sa Ghàidhlig

Is e leabhar inntinneach a th’ ann an Sùil air an t-Saoghal a chaidh a dheasachadh le Pàdraig MacAoidh agus Niall O’Gallagher. Tha an leabhar a’ toirt sùil air buaidhean eadar-nàiseanta air sgrìobhadh sa Ghàidhlig.…

£16.00

Na Caraidean - Julia Donaldson

Acair, 2013

Sgeulachd àlainn iongantach mu aon chaileag bheag agus a còig dolaichean pàipeir.

Sgeulachd liriceach mu leanabas, mu chuimhne agus cumhachd mac-meanmna bhon sgrìobhadh gun choimeas aig Julia Donaldson, agus dealbhan mìorbhaileach bho shàr…

£6.99

Cluicheadairean - Catrìona Lexy Chaimbeul

Chaidh an leabhar ùr Cluicheadairean le Catrìona Lexy Chaimbeul fhoillseachadh anns An Dàmhair 2013. Tha na Morrisons mar a h-uile teaghlach eile, dòigheil agus soirbheachail. ’S e dotair th’ ann…

£9.99

Latha Bha Siud - M. Christina Butler & Tina Macnaughton

’S e seo aon de na leabhraichean ùra “Làimhsich agus Fairich” aig Acair a bhios a’ cleachdadh stuthan-clòimhe mar phàirt de na dealbhan. Anns an sgeul seo tha Bìodag a’ tadhal air a co-ogha Ghràineag…

£4.99

Spùinneadairean Dubh na h-Oidhche - Peter Harris & Deborah Allwright

Ann am beul na h-oidhche 's e na leabaidh tha Tòmas a' smaoineachadh gur e uilebheistean no bòcain a tha e a' faicinn na rùm. Ach tha e ceàrr. Spùinneadairean a th' ann (feadhainn àraid…

£5.99

Cudail Chan fhaigh Mi... - David Melling

Am bi thu a' faireachdainn uaireannan gun bu toigh leat cudail? Bithidh Dòmhnall, agus tha e a' dol a-mach a lorg a' chudail as fheàrr a th' air an t-saoghal.

’S e seo tionndadh Gàidhlig…

£5.99

Chan e sin mo cheann-fionn... - Fiona Watt

'S e leabhar don chloinn as òige tha seo. Thathas ag amas air an sgilean mothachaidh agus cànain a thoirt air adhart leis na dealbhan dathte agus na diofar stuthan air gach duilleag. Còrdaidh e…

£5.99

Òrain Cèilidh Teaghlaich

Ma 's toil leibh cèilidhean (cò nach toil?), cha leig sibh a leas a dhol nas fhaide na an leabhar a tha seo airson 23 de na h-òrain as cumanta ri chluinntinn aig cèilidhean san…

£10.00

Brìgh an Òrain - A Story in Every Song

B’ e Lachlann Dhòmhnaill Nìll seanchaidh fìor ainmeil san 20mh linn. Ged as ann à Alba Nuadh a bha e agus esan sa cheathramh ghinealach den teaghlach ann an Canada, b’ ann à Alba a…

£28.50

An Guth 7

’S e seo an seachdamh leabhar san t-sreath An Guth deasaichte le Rody Gorman fad deich bliadhnaichean a-nis. ‘S e cruinneachadh de bhàrdachd ann an Gàidhlig na h-Alba is Gàidhlig na h-Èireann a th’ annta…

£7.50

Na Caimbeulaich - Fonn (leabhar)

Thathas air a bhith an dùil ris an leabhar seo fad greis mhath, co-dhiù on a chaidh an CD leis an aon ainm a sgaoileadh ann an 2012. ‘S e leabhar mòr tomadach a th’…

£30.00

Faclair Angus Watson

Anns an fhaclair seo gheibhear eadar-theangachaidhean air tòrr fhaclan co-cheangailte ri iomadh cuspair, nam measg cuspairean fìor ùr leithid coimpiutaireachd. Gheibhear cuideachd pailteas abairtean a bharrachd air stiùireadh air rèimean na Gàidhlig. Tha e air…

£25.00

The January Flower - Orla Broderick

'S e seo nobhail ùr sa Bheurla a chaidh fhoillseachadh ann an 2012, ag innse sgeul Mary, màthair òg a tha strì ris an t-saoghal seo bhon taobh aicese. Mi-thoilichte le beatha, tha i a'…

£8.99

Soisgeul Eòin

’S e seo Soisgeul Eòin air eadar-theangachadh on Ghreugais gu Gàidhlig an latha an-diugh. Leis mar a tha Gàidhlig air a bhith ag atharrachadh thairis air na bliadhnaichean tha duilgheadasan aig mòran Gàidhlig a’ Bhìobaill…

£1.99

Complete Gaelic Pack

’S e seo pasgan Gàidhlig san t-sreath “teach yourself”. Na bhroinn gheibh sibh an leabhar Complete Gaelic, cùrsa cànain le Boyd Robasdan agus Iain Mac an Tàilleir, a bharrachd air na CDan a tha a’…

£39.99

Brìgh nam Facal - Richard A.V. Cox

’S e seo faclair a chaidh a dheasachadh le Richard A.V. Cox , a tha a’ gabhail a-steach barrachd air 9,000 facal. A bharrachd air mìneachadh nam facal, tha e a’ toirt seachad fios air…

£10.00

Caoir Gheal Leumraich – Somhairle MacGill-Eain

’S e seo cruinneachadh bàrdachd shlàn Shomhairle MhicGill-Eain, a bha ’s ma dh’fhaoidte na bhàrd Gàidhlig a bu chudromaiche san 20mh linn. A bharrachd air na dàin ainmeil, leithid an t-sreath “Dàin do Eimhir” agus…

£25.00

Place-Names of Scotland – Iain Mac an Tàilleir

Anns an leabhar seo tha Iain Mac an Tailleir a’ toirt seachad mìneachadh air 7,000 ainmean àite bho air feadh Alba. Nam measg tha ainmean bhailtean mòra, bhailtean beaga, lochan, alltan, bheann is fiù ’s…

£7.99

Ath-Aithne - Màrtainn Mac an t-Saoir

’S e seo cruinneachadh de sgeulachdan goirid sa Ghàidhlig agus sa Bheurla. Tha 18 sgeulachdan san leabhar agus tha farsaingeachd chuspairean a’ nochdadh agus na sgeulachdan stèidhichte ann an àiteachan fad’ is farsaing thairis air…

£8.99

Air A Thòir - Màrtainn Mac an t-Saoir

Anns an treas nobhail aige, tha Màrtainn Mac an t-Saoir ag innse sgeul fir is tè, Aonghas is Monika. Tha beatha thoilichte, shoirbheachail aig Aonghas, is coltach, le leannan gaolach is obair mhath. Tha Monika…

£8.99

Gealach an Fhàis - Roger Hutchison & Criosaidh Dick

Tha an leabhar seo a’ coimhead air sgeul na Gàidhlig o chionn goirid agus àite an t-Sabhail Mhòir ann an ath-bheòthachadh a’ chànain. ’S e mion-sgrùdadh a th’ ann air ciamar a chaidh dòchas is…

£18.99

Speaking Our Language

Tha na leabhraichean seo stèidhichte air prògram t.bh. air a bheil an aon ainm. Tha faclan is abairtean air an cur an aithne an neach-ionnsachaidh a rèir shuidheachaidhean làitheil agus an leabhar stèidhichte air còmhradh.…

£10.95

Am Faclair Gàidhlig-Beurla - Colin Mark

'S e seo aon de na faclairean Gàidhlig as fharsainge agus cuid de dh'oilthighean ga mholadh mar leabhar-cùrsa do dh'oileanaich na Gàidhlig. A bharrachd air faclan, tha mòran abairtean air am mìneachadh agus rèimean a'…

£55.00

Faclair Gàidhlig gu Beurla & Beurla gu Gàidhlig

'S e seo faclair Gàidhlig air a dheasachadh le Boyd Robasdan agus Iain Dòmhnallach. Tha 24 000 eadar-theangachaidhean na lùib, nam measg abairtean cumanta, agus earrannan sònraichte aig cùl an leabhair le ainmean àite, ainmean…

£15.99