Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

A’ Ghàidhlig agus Beachdan nan Sgoilearan: cothroman leasachaidh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig

Mar a sheall diofar phròiseactan rannsachaidh air soirbheas sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FMG), tha an siostam foghlaim sin ag obrachadh fìor mhath bho thaobh amasan acadaimeagach. Ach, ged a tha FMG cho soirbheachail aig ìre foghlaim, tha e a’ togail ceann nach eil e coltach gu bheil mòran sgoilearan a’ cur an cuid Gàidhlig gu feum air taobh a-muigh na sgoile idir, às bith cò ris a tha na sgilean cànain aca coltach.

Anns an leabhar seo, tha an Dr Sìleas L. NicLeòid a’ toirt sùil mhionaideach airson na ciad uair air beachdan agus tuigse nan sgoilearan FMG fhèin air a’ Ghàidhlig agus air FMG, air mar a tha iad a’ faireachdainn mun t-suidheachadh ionnsachaidh aca, mun cuid chomasan sa Ghàidhlig agus mun t-seòrsa dreuchd a th’ aig a’ Ghàidhlig nam beatha.

Tha an leabhar seo a’ cumail fòcas làidir air guth na cloinne fhèin, stèidhichte air agallamhan le 80 sgoilear bho air feadh na h-Alba, eadar Clas 4 sa bhun-sgoil agus Bliadhna 2 san àrd-sgoil. Leis mar a thèid beachdan nan sgoilearan fhèin a chur ri beachdan nan inbheach, thathar a’ ruigsinn cho-dhùnaidhean agus mholaidhean a tha air leth cudromach do leasachadh FMG san àm ri teachd.

£7.50


Cò mheud | Quantity:

Stock: