Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Air A Thòir - Màrtainn Mac an t-Saoir

Anns an treas nobhail aige, tha Màrtainn Mac an t-Saoir ag innse sgeul fir is tè, Aonghas is Monika. Tha beatha thoilichte, shoirbheachail aig Aonghas, is coltach, le leannan gaolach is obair mhath. Tha Monika air tighinn às a’ Phòlainn gus beatha ùr a dhèanamh dhi fhèin ann an Alba agus làn comais aice sin a dhèanamh. ’S ann nuair a thachras iad ri chèile gun nochd cumhachd-thàlaidh làidir eatarra a dh’atharraicheas am beatha gu tur agus a dh’fhàgas Monika air a thòir.  ’S e seo leabhar drùidhteach stèidhichte san latha an-diugh, sgeul a tha aig uaireannan a’ togail gàire ’s buaireadh aig amannan eile.

£8.99


Cò mheud | Quantity:

Stock: