Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Na Caimbeulaich - Fonn (leabhar)

Thathas air a bhith an dùil ris an leabhar seo fad greis mhath, co-dhiù on a chaidh an CD leis an aon ainm a sgaoileadh ann an 2012. ‘S e leabhar mòr tomadach a th’ ann a’ cur an cèill sgeul aon teaghlaich, Na Caimbeulaich às a’ Ghrìob, agus iad air còig bliadhnaichean a chur seachad ri rannsachadh is deasachadh airson an leabhair. Tha e làn de sgeulachdan, cuimhneachan, abairtean is ceòl le cruinneachadh farsaing de dh’òrain na lùib, iad uile le ceòl sgrìobhte a bharrachd air na facail Ghàidhlig is Beurla. Tha Fonn air a dheasachadh ann an dòigh fìor tharraingeach le tòrr dhealbhan agus mhapaichean a tha a’ toirt barrachd tuigse dhan neach-leughaidh. A bharrachd air sin tha CD ann le clàraidhean bho Sgoil Eòlais na h-Alba.  ‘S e fìor stòr dualchais a th’ ann am Fonn, leabhar a bu chòir a bhith aig neach sam bith le ùidh anns a’ Ghàidhlig, ann an ceòl traidiseanta no le buntainneas dhan Eilean Sgitheanach.

£30.00


Cò mheud | Quantity:

Stock: