Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Cluicheadairean - Catrìona Lexy Chaimbeul

Chaidh an leabhar ùr Cluicheadairean le Catrìona Lexy Chaimbeul fhoillseachadh anns An Dàmhair 2013. Tha na Morrisons mar a h-uile teaghlach eile, dòigheil agus soirbheachail. ’S e dotair th’ ann an Sam. Tha bean aige agus dithis chloinne.  Ach tha Sam air a bhith dol a-mach air an oidhche gun innse dhan teaghlach càit a bheil e a’ dol. Tha Chris Morrison air a shlighe gu beatha ùr mar cluicheadair proifeiseanta. Cuideachd tha e ann an gaol airson a’ chiad turas na bheatha agus dh’fhaodadh sin a h-uile càil a mhilleadh.

 

Tha Catrìona Lexy Chaimbeul à Eilean Leòdhais agus tha i air a bhith ag obair ann an saoghal na Gàidhlig airson iomadh bliadhna mar sgrìobhadair, cleasaiche agus neach-teagaisg. Gu ruige seo, tha ceithir leabhraichean aice ann an clò. Balach beag a Mhàthair (Stòrlann 2004), Sgeulachdan Eagalach Feagalach (Acair 2006). Samhraidhean Dìomhair (Clàr, fo bhratach Ùr-sgeul 2009) agus Cleasan a’ Bhaile Mhòir (Sandstone Press 2009).

£9.99


Cò mheud | Quantity:

Stock: