Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Buses of Skye and the Western Isles - Iain Mac na Cèardaich

Ma tha ùidh agad ann am busaichean agus eachdraidh còmhdail anns an Eilean Sgitheanach agus na h-Eileanan Siar seo an dearbh leabhar dhut! Chaidh a dhèanamh le Iain Mac na Cèardaich a bha na dhotair ann an Steòrnabhagh anns na seasgadan agus ‘s esan a thog a' mhòr chuid dhe na dealbhan cuideachd eadar na seasgadan agus na seachdadan. Tha an leabhar a' toirt sealladh iongantach seachad air an àm sin nuair a bha na busaichean air an obracheadh le Mac a’ Bhriuthainn an aon chompanaidh a bha ag obrachadh nan seirbhisean aiseig eadar na h-eileanan agus an tìr-mòr. Thàinig sin gu crìch ge-tà aig tòiseach nan seachdadan nuair a chaidh na busaichean a ghabhail os làimh le ‘Highland Omnibuses’. ‘S e leabhar brèagha, taitneach a tha seo le dealbhan sgoinneil de na coimhearsnachdan agus na busaichean a bha gam frithealadh.

£14.99


Cò mheud | Quantity:

Stock: