Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Bàird Ghleann Dail. A Selection of Songs and Poems by Niall MacLeòid, 'The Bard of Skye', his brother Iain Dubh and their father

Tha an leabhar seo, a chaidh a dheasachadh le Meg Bateman, a’ comharrachadh ceud bliadhna bhon a chaochaill am bàrd Niall MacLeòid, à Gleann Dail san Eilean Sgitheanach, ann an 1913. Chìthear ath-fhoillseachadh de chuid dhen obair aig Niall agus cuideachd, airson a’ chiad uair, chì thu obair a bràthair Nèill, Iain Dubh (1847 – 1901), agus taghadh de dh’ obair an athar, Dòmhnall nan Òran (1787 – 1872). Tha na stoidhlean eadar-dhealaichte aca a’ comharradh linn inntinneach eadar an 18mh agus toiseach an 20mh linn nuair a bha na nòsan litreachais aig daoine ag atharrachadh aig àm a bha a’ sìor-atharrachadh gu sòisealta. Tha seasgad dàin uile gu lèir san leabhar  (32 le Niall, 16 le Iain agus 12 le Dòmhnall) le eadar-theangachaidhean, notaichean agus fuinn far a bheil iad àitheanta. Tha eachdraidh-beatha ga thoirt seachad air an triùir bhàrd agus tha an ro-ràdh a’ mìneachadh nan stoidhlean eadar-dhealaichte a th’ aca agus gheibhear tuigse air na bha a’ dol a thaobh litreachais aig an àm.

£25.00


Cò mheud | Quantity:

Stock: