Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Tro Chloich na Sùla – Maoilios Caimbeul

Tha sean agus ùr a’ measgachadh còmhla ri chèile sa chruinneachadh bhàrdachd seo le Maoilios Caimbeul. Tha an t-sreath dhàn aig toiseach an leabhair stèidhichte gu ìre bhig air an t-sean mheadrachd phroifeiseanta, dàn dìreach. Anns an fhichead dàn sin, tha am bàrd a’ rannsachadh na buaidh a bh’ aig creideamh air luchd-ealain ainmeil Eòrpach – mar da Vinci, Gauguin, Blake agus Chagall – tro na linntean, le bhith meòrachadh air dealbhan sònraichte leis an luchd-ealain sin.

Ann am fichead dàn eile, tha am bàrd a’ dèiligeadh ri iomadh cuspair, leithid coimhearsnachd, poilitigs agus nàdar, ann an stoidhle nuadh-bhàrdail. Tha cuideachd dàin nas pearsanta ann. Tha notaichean air a’ bhàrdachd agus na peantairean aig deireadh an leabhair. ‘S e cruinneachadh eadar-nàiseanta a tha seo, a’ gluasad gu siùbhlach eadar a’ Ghàidhealtachd agus an saoghal mòr.

£9.99


Cò mheud | Quantity:

Stock: