Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Teisteanas Foghlam Àrd-ìre An Cùrsa Comais

Ceum: CertHE
Dòigh lìbhrigidh: Làn-ùine, Aig a' Cholaiste
Dè cho fada: 1 Bliadhna
Còd: Q532
Neach-stiùiridh: Eilidh Ghrannd iarrtas@smo.uhi.ac.uk


Mun a' Chùrsa

’S e cùrsa practaigeach gràmair, air a dhealbh airson luchd-ionnsachaidh eadar-mheadhanach a tha ag amas air fileantachd sa Ghàidhlig, a tha anns a’ Chùrsa Chomais. Bidh oileanach ag obair còmhla ann an càraidean is ann am buidhnean far am bi aca ri bhith a’ cleachdadh agus a’ leasachadh an cuid Ghàidhlig. ’S e adhartachadh sgilean labhairt is sgrìobhaidh prìomh amas a’ chùrsa, ach thèid cuspairean eile a thoirt a-steach mar a tha an cùrsa a’ dol air adhart. 

 

Sùsbaint a' Chùrsa

Tha an cùrsa air a dhealbh le sia modalan. Bidh gach oileanach a' dèanamh coig modalan riatanach, nam measg sgilean conaltraidh, cànan foirmeil is dreuchdail agus Saoghal na Gàidhlig. Bidh oileanaich a' taghadh modal eile leithid coimpiutaireachd, annas-làimhe, Gàidhlig sna meadhanan agus Gàidhlig sa choimhearsnachd. Nì oileanaich trì seachdainean de ghreis-dhreuchdail ann an Gàidhlig an lùib a’ mhodail Greis Ghnìomhachais.

 

Bliadhna 1
SCQF Ìre 7

     MODALAN RIATANACH

     MODALAN ROGHAINNEIL

 
  • Comas Conaltraidh A
  • Cànan Foirmeil agus Dreuchdail
  • Saoghal na Gàidhlig 1
  • Comas Conaltraidh B
  • Greis Ghnìomhachais
  • Cànan sa Choimhearsnachd
  • Na Meadhanan Gàidhlig
  • Annas-làimhe agus Òrain Ghàidhlig 1
  • Coimpiutaireachd airson na Gàidhlig
  • Litreachas: Sgilean Sgrùdaidh
  • Teòiridh, Cruthachadh & Cothromachadh 1

 

Inntrigeadh

 

Airson faighinn a-steach gu Cert HE An Cùrsa Comais:

 

  • 3 teisteanasan SQA aig Àrd-ìre aig B, B agus C no nas àirde.  Bhiodh e na b’ fheàrr nam biodh Gàidhlig (fileantaich) no Gaelic (luchd-ionnsachaidh) Àrd-ìre aig B, no nas àirde, nam measg; no
  • 2 A Level aig ìre BC no nas àirde
  • dh’fhaodadh teisteanasan eile a bhith air am meas freagarrach le Stiùiriche a’ Phrògraim.

Feumaidh oileanaich aig nach eil teisteanas SQA sa Ghàidhlig dearbhadh gu bheil comas aca sa chànan

Faodaidh tagraichean aig nach eil mòran Gàidhlig An Cùrsa Inntrigidh aig Sabhal Mòr Ostaig a dhèanamh. Seo cùrsa foghlam air astar a tha ag amas air oileanaich ullachadh airson faighinn a-staigh gu ìre a h-aon de na prògraman ceuma.

 

Cìsean is Maoineachadh

Airson cìsean thèid chun a cheangal a leanas http://www.smo.uhi.ac.uk/gd/cursaichean/cisean/

 

Slighean Adhartais

Ma shoirbhicheas le oileanaich anns a' Chùrsa Chomais bidh cothrom aca airson gluasad gu dàrna bliadhna prògram a' cheuma.

 

A' cur a-steach

A' Cur Iarrtas Thugainn

Ma tha thu a' fàgail na sgoile no a' cur iarrtasan gu grunn oilthighean, feumaidh tu Universities and Colleges Admissions Service (UCAS) a chleachdadh. 'S e seo an t-seirbheis inntrigidh airson a h-uile oilthigh is colaiste àrd-ìre san Rìoghachd Aonaichte.

Mura h-eil thu nad sgoilear a' fàgail na sgoile is ma tha thu a' cur iarrtas gu Sabhal Mòr a-mhàin, cuir fios gu Oifis Chlàraidh is Iarrtasan no dh'fhaodadh tu lethbhreac de fhoirm iarrtais OGE fhaighinn, a lìonadh agus a chur air ais.

Gheibh oileanaich eadar-nàiseanta foirmichean UCAS aig Comhairle Bhreatainn. No dh'fhaodadh oileanaich eadar-nàiseanta lethbhreac de fhoirm iarrtais Oileanaich Eadar-nàiseanta OGE fhaighinn, a lìonadh agus a chur air ais.
 

Fios mu iarrtasan:

Oifis Chlàraidh is Inntrigidh
Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ

Fòn: 01471 888304

Post-d: iarrtas@smo.uhi.ac.uk
 

Fiosrachadh feumail airson iarrtasan UCAS:

Ainm Ionaid/Institution Name: HIP
Àireamh/Code: H49
Àrainn/Campus: K