Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Preantasachd Tòiseachaidh

Preantasachd Tòiseachaidh ann an Seirbhisean Sòisealta: Clann is Òigridh

 

 

Colaiste agus sgoil

Tha an cùrsa Preantasachd Tòiseachaidh air a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig do sgoilearan a tha sa chòigeamh agus san t-siathamh bliadhna anns an àrd-sgoil. Faodaidh tu ga dhèanamh thairis air dà bhliadhna a’ tòiseachadh ann an S5 no ann an aon bhliadhna ann an S6.

Bidh clasaichean colaiste a rèir clàr-ama na sgoile agus bidh thu a’ cur ùine seachad gach seachdain ag ionnsachadh ann an clas le sgoilearan eile. Bidh neach-teagaisg Shabhal Mòr Ostaig gad stiùireadh le obair a’ chùrsa agus bidh thu a’ cur feum air goireasan ionnsachaidh air-loidhne.

 

Cuspairean bunasach

Is e cùrsa fìor inntinneach a th’ ann air am bi thu ag ionnsachadh mu chuspairean bunasach do dh’obair-chloinne. Togaidh tu eòlas air an obair phroifeasanta agus air na tha an sàs bho latha gu latha ag obair le clann is òigridh. Bidh thu ag ionnsachadh mu dhìon chloinne, slàinte is sàbhailteachd, conaltradh ri clann agus mar a tha clann is òigridh a’ fàs agus a’ dèanamh adhartais. 

 

Ag obair le Gàidhlig

Tha greis-gnìomhachais aig cridhe a’ chùrsa agus cuiridh tu ùine seachad ann an àite-obrach far a bheil Gàidhlig ga bruidhinn. Bidh cothrom agad greisean-obrach a dhèanamh ann an seirbhisean cùram-chloinne, anns an sgoil-àraich air neo le buidhnean òigridh coimhearsnachd. Bidh thu a’ cur na dh’ionnsaich thu anns a’ chlas gu feum agus togaidh tu sgilean pragtaigeach a bhios na bhuannachd dhut nad bheatha.

Bidh na h-uairean obrach gach seachdain a rèir cò bhliadhna anns a bheil thu, S5 no S6. Thèid an greis-gnìomhachais a chur air dòigh eadar thu fhèin, an sgoil, a’ cholaiste agus an àite-obrach.


Deiseil airson tòiseachadh….?

Mus tòisich thu air a’ chùrsa Preantasachd Tòiseachaidh bidh sinn a’ sùileachadh ri na leanas:

  • Gum bi Beurla agus Gàidhlig Nàiseanta 5 agad
  • Gum bi thu deiseil airson obair a dhèanamh aig an aon ìre ri Àrd-ìre na sgoile
  • Gum bi thu èasgaidh agus math air obair air do cheann fhèin
  • Gum bi thu deònach an cothrom a ghabhail Gàidhlig a bhruidhinn taobh a-muigh na sgoile
  • Gum bi thu toilichte clàradh air an sgeama PVG aig Disclosure Scotland

 

Ceum slighe

Bidh iomadh cothrom romhad ma thig thu air a’ chùrsa Preantasachd Tòiseachaidh agus is e ceum aithnichte a th’ ann a dh’ionnsaigh obair agus foghlam àrd-ìre. Tha e na shàr eisimpleir do luchd-fastaidh agus do luchd-foghlaim gu bheil thu air a leithid a dhèanamh fhad is a tha thu fhathast san sgoil.

 

https://www.apprenticeships.scot/

 

https://www.apprenticeships.scot/

 

Airson am barrachd fios, cuireabh post-d gu iarrtas@smo.uhi.ac.uk no fòn 01471 888 304