Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Sgoilearachd Jon Schueler, Na h-Ealain Lèirsinne

SGOILEARACHD JON SCHUELER 2018

Greis mhuinntiris an lùib nan ealan lèirsinneach ann an Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta na h-Alba do Chànan, Chultar 's na h-Ealain Ghàidhlig, an t-Eilean Sgitheanach, Alba an co-bhoinn le urras Jon Schueler Charitable Trust, le taic bho Acadamaidh Rìoghail na h-Alba. Tha Sabhal Mòr Ostaig a' sireadh luchd-ealain-lèirsinneach eadar-nàiseanta airson na siathamh bliadhna de Sgoilearachd Chòmhnaidheach Jon Schueler. Bidh an Sgoilearachd, a chaidh a chur air bhonn ann an 2013, a' leantainn fad ceithir bliadhna eile gu 2020, agus thathar a' sireadh iarrtasan a-nis airson greis chòmhnaidheach 2018.

'Se cothrom a tha seo a bhith a' rannsachadh, a' leasachadh agus a' cruthachadh obair ann an suidheachadh air leth os cionn Linne Shlèite am measg nan seallaidhean a thug buaidh air Schueler fhèin na obair.

Tha an sgoilearachd fosgailte do luchd-ealain eadar-nàiseanta (a' gabhail a-steach Alba agus an RU) a tha a' toirt a-mach obair aig sàr ìre tro mheadhan lèirsinneach sam bith agus aig a bheil ùidh shònraichte ann an cruth-tìre is an àrainneachd.

Bi thu a cur seachad trì mìosan ann an stiùideo-ealain uidheamaichte (23mh an t-Iuchar - 12mh an Dàmhair 2018), le tabhartas £8,000 mu choinneimh chìsean, àite fuirich, siubhal agus stuthan.

Iarrtasan ro 17:00 GMT air 16 Dàmhair 2017

Fios a bharrachd agus mu thagradh air an duilleag bheurla.