Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Naidheachdan

Tha an còmhnaidh tòrr a' dol aig a' Cholaiste agus gheibh thu cothrom cumail suas le na bha a' dol le bhith leughadh nan cuairt-litrichean, brathan-naidheachd is liosta de thachartasan againn. Tha cuideachd cothrom ann air barrachad fiosrachaidh fhaighinn mu Òraidean an t-Sabhail.

 

  • 03/2018 Am Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig airson 2018-2023 air fhoillseachadh

    Am Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig airson 2018-2023 air fhoillseachadh

    Chaidh am Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig ùr fhoillseachadh aig Pàrlamaid na h-Alba an-diugh (Diciadain 28 Màrt), Plana a tha a’ sealltainn mar a thèid fàs a thoirt air a’ Ghàidhlig aig ìre nas luaithe ann an Alba. ’S e prìomh amas a’ Phlana, gun tèid Gàidhlig a chleachdadh nas trice,...

    barrachd...

  • 03/2018 Duais Bàrdachd MacDhòmhnaill Shlèite 2018

    Duais Bàrdachd MacDhòmhnaill Shlèite 2018

    Thèid an ceathramh farpais bàrdachd Gàidhlig airson Duais Bàrdachd MacDhòmhnaill Shlèite a chumail am-bliadhna.  Chaidh an fharpais a chur air chois leis an Ridire Iain MacDhòmhnaill mar chuimhneachan air a nighinn, Deborah, a dh’ eug aig aois glè òg.   Bidh an fharpais air a ruith a-rithist le Ionad Nàiseanta na...

    barrachd...

  • 03/2018 Oilthigh ag ainmeachadh prìomh dhreuchd rannsachaidh

    Oilthigh ag ainmeachadh prìomh dhreuchd rannsachaidh

    Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean air an Àrd-ollamh Neil Simco fhastadh mar Iar-Phrionnsabal airson Rannsachadh agus Buaidh. Bidh an t-Àrd-ollamh Simco an urra ri bhith a 'stiùireadh agus a' cumail sùil air obair rannsachaidh an oilthigh san dreuchd. Thòisich an t-Àrd-ollamh Simco air a dhreuchd mar thidsear bun-sgoile...

    barrachd...

  • 03/2018 Turas Còmhnaidheach Gàidhlig airson Òigridh

    Turas Còmhnaidheach Gàidhlig airson Òigridh

    Chuir Sabhal Mòr Ostaig OGE, ann an com-pàirteachas le Sgioba Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd, agus le taic ionmhasail bho Bhòrd na Gàidhlig, air dòigh tachartas còmhnaidheach bliadhnail ‘Seachdain nan Deugairean’ air an t-seachdain sa chaidh aig Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig ann an...

    barrachd...

  • 03/2018 Dr Gillian Rothach aig stiùir an t-Sabhail Mhòir

    Dr Gillian Rothach aig stiùir an t-Sabhail Mhòir

    Chaidh an Dr Gillian Rothach ainmeachadh an-diugh mar Phrionnsapal ùr Sabhal Mòr Ostaig.  Tha Dr Rothach an-dràsta na h-Iar Stiùiriche an Fhoghlaim agus os cionn Rannsachaidh sa Cholaiste.  ’S ann fo a stiùir-sa a shoirbhich cho math leis a’ Cholaiste tron sgeama Sàr-Rannsachaidh Nàiseanta (Research Excellence Framework) le cuid de...

    barrachd...

  • 02/2018 Duais Sgrìobhaidh Ùr

    Duais Sgrìobhaidh Ùr

    Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ cur farpais sgrìobhaidh ùr air doigh, mar chuimhneachan air Niamh NicEanraig à Malaig, a dh’ eug gu h-aithghearr an-uiridh. Bha Niamh na h-oileanach air a’ chiad bliadhna aig a’ Cholaiste, à’ dèanamh Cùrsa Gàidhlig is Conaltradh.    Bidh an fharpais fosgailte do dh’ oileanaich ann...

    barrachd...

  • 02/2018

    Lana Pheutan a’ bruidhinn mu a film goirid Gàidhlig a tha a’ dèiligeadh le gnothaichean tar-ghnèitheach.

    B’ e oidhche air leth soirbheachail, aig na Duaisean FilmG, a bh’ aig Lana Pheutan às an Eilean Sgitheanach. Rinn Lana an cùrsa Gàidhlig is Conaltradh aig Sabhal Mòr Ostaig o chionn beagan bhliadhnaichean is a tha a-nise na h-oileanach aig Oilthigh Napier Dhùn Èideann.  Bhuannaich i dà dhuais –...

    barrachd...

  • 02/2018

    Taisbeanadh aig Sabhal Mòr Ostaig agus Sgoilearachd Jon Schueler 2018

    Tha Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, air an neach-ealain ainmeachadh a tha air greis-chòmhnaidh Sgoilearachd Jon Schueler a chosnadh am-bliadhna agus cuideachd taisbeanadh ùr leis an neach-ealain David Lemm, air an deach an sgoilearachd a bhuileachadh an-uiridh. 'S e com-pàirteachadh eadar-nàiseanta air leth a...

    barrachd...

  • 02/2018

    Oileanaich an t-Sabhail am measg an luchd-buannachaidh aig Duaisean FilmG 2018

    Chaidh cuirm duaisean FilmG a chumail ann an Glaschu Dihaoine sa chaidh agus iad a’ comharrachadh deich bliadhna bhon a thòisich an fharpais filmichean goirid Gàidhlig aig MG ALBA. Tha an fharpais air a ruith leis a’ chompanaidh Cànan a tha stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach.  Bha...

    barrachd...

  • 01/2018 Iar Phrionnsapal an t-Sabhail a' leigeil dheth a dhreuchd

    Iar Phrionnsapal an t-Sabhail a' leigeil dheth a dhreuchd

    Tha Sabhal Mòr Ostaig air ainmeachadh gum bi Iain Tormod MacLeòid, Iar Phrionnsapal agus Stiùiriche Foghlaim na Colaiste, a’ leigeil dheth a dhreuchd aig deireadh an Iuchair 2018.  Tha Iain Tormod air a bhith os cionn an Fhoghlaim bho 1983, an neach-obrach as fhaide a th’air a bhith aig a...

    barrachd...