Skip to content
Picture of two students

Cùrsaichean Goirid – Àite-fuirich

Tha seòmraichean en suite ri fhaighinn ann an Àrainn Chaluim Chille agus Àrainn Ostaig. Tha searbhadairean, aodach-leapa agus goireasan tì is cofaidh ann an gach seòmar, agus tha frids, sinc, microwave, cupannan, truinnsearan, sgeinean is forcaichean anns na seòmraichean no anns na cidsinean, ach chan eil cucairean ann (ach sa Phenthouse); ach tha na prìsean seo a’ toirt a-steach bìdh bho àm dinnearach air an oidhche mus tòisich a’ chùrsa gu àm lòin air latha mu dheireadh a’ chùrsa. Chan àbhaist dhan chidsin againn a bhith fosgailte aig àm dinnearach Disathairne, agus cha bhi lòn ri fhaighinn Disathairne no Didòmhnaich.

Faodar innealan-nigheadaireachd a chleachdadh an dèidh 4f.

Tha bracaist (Albannach air neo continental), lòn (prìomh thruinnsear no brot ‘s ceapaire) agus dinnear (prìomh thruinnsear agus mìlsean) an cois nan cìsean (gun deoch ‘s greimean-bìdh) ach Seachdain nan Teaghlach, àm na deiridh-sheachdain mar a tha air a mhìneachadh gu h-àrd, agus Penthouse far a bheil goireasan còcaireachd ri fhaighinn.

Seòmraichean Singilte 2024
Cìs do dh’Inbhich (16 bliadhna a dh’aois is nas sine):
£380 fad 5 oidhcheannan – £76 gach oidhche, £57 Disathairne

Cìs do Chloinn (0–15) / Oileanaich:
£300 fad 5 oidhcheannan – £60 gach oidhche, £44 Disathairne

Seòmar le Dà Leabaidh 2024
Cìs do dh’Inbhich:
£675 fad 5 oidhcheannan – £135 gach oidhche, £97 Disathairne

Cìs do dh’Oileanaich:
£525 fad 5 oidhcheannan – £105 gach oidhche, £75 Disathairne

Pàiste (0–15) / Oileanach agus Inbheach:
£590 fad 5 oidhcheannan – £118 gach oidhche, £83 Disathairne

An Lòchran  Mullach an Tùir 2024
1 seòmar dùbailte is 1 seòmar dà-leapa, seòmar-suidhe, seòmar-frasair, cidsin:
£254 gach oidhche

Chan eil a’ phrìs seo a’ toirt a-steach bìdh bhon a tha goireasan còcaireachd ann. Faodar biadh a cheannach san taigh-bìdh againn ma thogras tu. Tha An Lòchran ri fhaotainn air màl fad na bliadhna. Faic an seo airson barrachd fios.

Ciorram
Tha seòmraichean dha daoine ciorramach ri fhaotainn.

Àite-fuirich san sgìre
Tha taighean-òsta, leabaidh is bracaist is àitichean-fuirich fèin-fhrithealaidh ri fhaotainn san sgìre mas fheàrr leat no ma bhios a’ Cholaiste làn – gheibhear liosta dhiubh an seo no aig Visit Scotland no Visit Sleat.

Campadh aig Sabhal Mòr Ostaig
Chan e àite-campa oifigeil a th’ ann an Sabhal Mòr Ostaig, ged a tha e ceadaichte teanta no carbad-comhnaidh a thoirt dhan làraich. Faodar biadh a cheannach san t-seòmar-bìdh.

Faodar an stiùireadh às ùire againn fhaicinn an seo.

Ma tha tuilleadh fiosrachadh air dhìth, nach cuir thu fios gu Roinn Aoigheachd air +44 (0)1471 888 000 no air

 

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578